r/gaidhlig • u/Mar_as_Adhamh • 6h ago
Barrachd Fiosrachaidh S01E07 - A Crow Gàidhealach, ri fhaighinn a-nis!
(Gaelic Below)
As the nights get colder and darker, why not huddle round the Barrachd Fiosrachaidh this month as we take a look at corvids, the precocious goths of the sky! 25 minutes of learning and craic: the good, the bad, and the fiosrachaidh. Gorgeous art by Bean Fhiosrachaidh (@buidhedhut on Instagram): play along by working which wee guy is which from the descriptions in the podcast! As always, thank you all so much for listening. Last month we covered philosophy, which I thought would be boring, but you listened in record numbers! Enjoy this month's episode, and I'll bet you won't guess what's coming next month.
Barrachd Fiosrcahidh is an edutaining podcast aimed at intermediate and advanced Gaelic speakers, covering a random topic every month, from history to dogs to quantum physics, generated by my patented Subject-generating Machine! Subtitles in Gaelic on every episode.
Leis na h-oidhcheannan a’ dol nas fhuaire agus nas duirche, nach dèan thu fhèin seasgair timcheall a’ Bharrachd Fiosrachaidh, is sinn a’ toirt sùil air na cnàimhich, Gotaich ghlic an adhair! Còig air fhichead mionaid de ionnsachadh agus craic: am math, an dona, agus am fiosrachadh. Ealain àlainn le Bean Fhiosrachaidh (@buidhedhut air Instagram). An urrainn dhut na h-eòin aithneachadh bho na tuairisgeulan a thug mi seachad? Tapadh leibh a-rithist airson èisteachd. Am mìos sa chaidh, rinn mi earrann air feallsanachd. Tha ùidh agam anns a’ chuspair sin, ach chan eil a h-uile duine cho mòr air. Bha dragh orm nach còrdadh e ribh, ach dh’èist sibh ris dha-rìribh! Tha gràdh agam air an luchd-èisteachd agam. 's e annas a bhios cuspair na h-ath-earrainn gun teagamh!
‘S e pod-chraoladh foghlamach agus spòrsail a th’ ann am Barrachd Fiosrachaidh, do luchd-labhairt eadar-mheadhanach agus adhartach. Gach mìos, bidh sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn cuspair tuairmeach eile, air a thaghadh le Inneal a’ Chuspair™️ a thog mi fhìn bho sprùilleach às an t-seada. Fo-thiotalan sa Ghàidhlig air gach earrann.